A' Hobat, no A-null 's Air Ais A-rithist: The Hobbit in Scottish Gaelic

47.51 SGD
会員価格
42.76

Product Description

Seo an sgeul fantasach air leth a tha ionmhainn aig luchd-leughaidh eadar mhòr is beag, mu dheidhinn hobait agus Biolbo Bagainn as ainm dha, a thèid a sguabadh air falbh air turas gun dùil leis an draoidh Gandalf agus còmhlan de thrì troichean deug. ''S e fìor dhàna-sgeulachd a tha sa Hobat, mu sgrìob a bheir buidheann de throichean air tòir òir a tha fo fhreiceadan le dràgon. ''S ann gu mì-dheònach a ghabhas Biolbo Bagainn pàirt sa cheann-turais seo, agus e na hobat dèidheil air cofhurt is gun uaill-mhiann air idir. Cuiridh e iongnadh fiù ''s air fhèin leis cho innleachdach is cho sgileil ''s a tha e mar ghadaiche. Am measg gach driodfhortan eile, tachraidh Biolbo ri trobhaichean, bòcain, troichean, eilf agus damhain-allaidh aibheiseach, mus bi còmhraidhean aige leis an dràgon, Smòg, agus mus bi e an làthair a dh''aindeoin a thoil fhèin aig Blàr nan Còig Arm. Tha Biolbo Bagainn ga chunntadh am measg nan gaisgeach neo-bhàsmhor ann an uirsgeul cloinne. Nuair a sgrìobh an t-Àrd-ollamh Tolkien A'' Hobat do chloinn fhèin, choisinn e sàr-chliù cho luath ''s a chaidh fhoillseachadh. A-nis, tha an leabhar ri fhaighinn sa Ghàidhlig airson a'' chiad uair, ann an eadar-theangachadh iongantach leis an Àrd-ollamh Moray Watson. Tha na dealbhan-tarraing is mapaichean uile aig an ùghdar an lùib an leabhair. --- 

 

The beloved fantasy classic for readers of all ages, about a hobbit called Bilbo Baggins who is whisked off on an unexpected journey by Gandalf the wizard and a company of thirteen dwarves. The H

Available to Order

Usually dispatches within 3-4 weeks

While every attempt has been made to ensure stock availability, occasionally we may run out of stock at our stores.

ご注文金額 50.00 SGD以上で国内送料無料

Discount is applied at checkout.

Recently Viewed Items

Related Products